powered by ODEO
Bha Dòmhnall Ruadh na shaighdear sa Chiad Chogadh Mòr agus e ag iondrainn a leanann san òran seo.`S ann à Uibhist a Tuath a bha e.
Gur muladach a tha mi
`s mo chrìdhe `n sàs aig bròn,
bhon an uair a dh`fhàg mi
beanntan àrd a` cheò:
gleanntaichean a` mhànrain –
nan loch, nam bàgh `s nan sròm,
`s an eala bhàn tha tàmh ann
gach là air a bheil mi `n tòir.
A Mhagaidh, na bi tùrsach,
A rùin, ged gheibhinn bàs.
Cò am fear am measg an t-sluaigh
A mhaireas buan gu bràth?
Chan eil sinn uileadh ach air chuairt,
Mar dhìthein buail` a` fàs,
Bheir siantanan na bliadhna sìos,
`s nach tog a` ghrian an àird.
Tha mis` an-seo `s mo shùil san iar
On chrom a` ghrian san t-sàl:
Mo dhùrachd leig mi as a dèidh,
Ged thrèig i mi cho tràth,
Gun fhios gum faic mi màireach i
Nuair dhìreas i gu h-àrd,
Is iomairt lann gu bhith ri chèil`
Nuair `s lèir dhuinn beul an là.
Tha `n talamh lèir mun cuairt dhìom
Na mheallan suas `s na neòil
Aig na shells a` bualadh –
Cha lèir dhomh bhuam le ceò;
Gun chlaisneachd aig mo chluasan
Le fuaim a` ghunna mhòir,
Ach ged tha `n uair seo cruaidh orm
Tha mo smuaintean air NicLeòid.
Air m`uilinn anns na truinnseachan
Bha m`inntinn ort, a ghràidh;
Cha dualach dhomh bhith slàn:
Tha m`aigne air a lìonadh
Le cianalas cho làn,
`s a ghruag a dh`fhàs cho ruadh orm
a-nis air thuar bhith bàn.
Mas e `s gu bheil e `n dàn dhomh
On bhlàr gun till mi beò,
Is gum faic mi an t-àite
San deachaidh m`àrach òg,
Bidh sinne, `s crathadh làmh againn
Is bilean blàth, toirt phòg,
`s mo ghealltanas bidh pàighte dhuit
le fàinne chur mud mheòir.
Oidhche mhath leat fhèin, a rùin,
Nad leabaidh chùbhraidh bhlàth,
Cadal sàmhach air a chùl
`s do dhùsgadh sunndach, slàn;
tha mise `n-seo san truinnsidh fhuair
`s nam chluasan fuaim a` bhàis,
gun dùil ri faighinn às le buaidh –
tha `n cuan cho buan ri shnàmh.

0 comments:
Post a Comment