http://www.youtube.com/watch?v=q3ZzGjHKDdw
`S e mo bheachd fhèin nach cumadh Mariah Carey ceann a` mhaide ri Whitney Houston a thaobh seinn, mus do thòisich Whitney air na drogaichean. Chan e sin ri ràdh nach eil guth seinn àlainn aig Mariah. Tha e àlainn, cumhachdail, binn.
Ge-tà, tha faireachdainn ann nuair a bhios Mariah a` gabhail òran, gum bi i a` cleachdadh òran airson a` cur air adhart an guth aice fhèin seach bhith a` seinn airson adhbhar na h-òrain. Sin agad Mariah.
Bidh Whitney, air a chaochladh, a` cleachdadh an guth mìorbhaileach aice le gliocas gun a bhith a` seinn a-mach gun adhbhar. `S e an t-òran as cudthromaiche dhith, agus tha a` bhuil sin air an òran, agus air an luchd-èisteachd aice. Tha guth Whitney a` gluasad t`fhaireachdainn gu dlùth agus fiù `s a-niste, an dèidh an cron a chaidh a dhèanamh air, bha an dèanadas aice aig na World Music Awards ann an 2004 a` toirt snigheadh air mo chridhe. Mar a tha an sean-fhacail ag ràdh, “bheireadh e snigheadh air cridhe na cloiche”.
0 comments:
Post a Comment