A dhùthaich ghaoil 's ro fhad do shuain,
Dèan mosgladh grad a dhìon do shluaigh,
Le d' chlaidheamh sgar an ceangal cruaidh
Chuir sinn an sàs;
Is cluinneam rithist gàir do luaidh,
Alba gu bràth!
Nuair a dh'aontaich thu do chòir 's do cheart
Do bhuadhan sònraichte 's do neart,
Do shaorsa òirdheirc is do reachd,
A thoirt do chàch
'S nach èireadh tuilleadh slòigh no feachd,
Alba gu bràth!
Bha dòchas àrd agad an sìth
An nì a ghnàth air 'n robh thu 'n tì,
Is chunnartaich thu d' uile bhìth
An cùirt do nàmh,
Ach cha toir sin dhuit fois o strì,
Alba gu bràth!
Chaidh deala chìocrach 'n sàs nad fheòil,
Is dheoghail i le d'fhuil do threòir.
Cha sàth le aintighearnas a leòir,
'S gun ioc, gun tàmh
Bha Sasann an geall air crìch do sgeòil,
Alba gu bràth!
Is feuch an-diugh do ghlinn 's do chluain
Nan dìthreibh fàs; is thall thar chuain
An dùthchannaibh cèin tha sliochd do thuaith
Nam buadhan àigh
Nach iomchaidh stad chur anns an ruaig
Alba gu bràth!
Is iompachadh o'n cheangal chlaon,
An cuibhreach a chuir sinn an daors',
An sgleò air inntinnean ar daoin',
An ribe sàs
Ma mhaireas e chan fhaic thu saors',
Alba gu bràth!
O beuc an leòmhainn mar bu nòs,
Cha seas an nàmh ri stràc do spòig,
Is gairm a-rithist na fir mhòir
Don dùthchas spàirn,
'S thig caochladh gad ad neart 's ad threòir,
Alba gu bràth!
A dhùthaich ghaoil 's e saors' do bhrìgh,
Cha soirbhich leatsa bhith fo chìs;
Neo-eisimileach a-rithist bidh,
Mar bha thu tràth,
Nad lòchran soillse do gach tìr
Alba gu bràth!
'S os cionn gach nì an saoghal nam beò,
Cho fad 's a mhaireas dhuit an deò,
Na leig led Ghàidhlig dol fo sgleò
Ma gheibh i bàs
Bidh tu seachran anns a' cheò
Alba gu bràth!
'S i a' Ghàidhlig suaicheantas na saors',
Chan fhuiling ise tàir no daors';
Chan fhuiling snaoim, no cuing, no taod;
Cha sin a gnàth;
Chan fhuiling ise cuibhreach maoir,
Alba gu bràth!
Tha saorsa toinnte anns gach fuaim
An cànain àlainn bhlàth ar luaidh,
Nach fhuiling tàir an càs no 'n cruas
Biodh ise slàn,
'S chan èirich nàmh a bheir ort buaidh
ALBA GU BRÀTH!
Subscribe to:
Post Comments (Atom)

2 comments:
Gu brath tuilleadh!
Tha thu math air fàisneachd, a bheil?
Post a Comment