Wednesday, 3 February 2010

ALBA GU BRÀTH aig Donnchadh MacDhunLèibhe

A dhùthaich ghaoil 's ro fhad do shuain,
Dèan mosgladh grad a dhìon do shluaigh,
Le d' chlaidheamh sgar an ceangal cruaidh
Chuir sinn an sàs;
Is cluinneam rithist gàir do luaidh,
Alba gu bràth!


Nuair a dh'aontaich thu do chòir 's do cheart
Do bhuadhan sònraichte 's do neart,
Do shaorsa òirdheirc is do reachd,
A thoirt do chàch
'S nach èireadh tuilleadh slòigh no feachd,
Alba gu bràth!

Bha dòchas àrd agad an sìth
An nì a ghnàth air 'n robh thu 'n tì,
Is chunnartaich thu d' uile bhìth
An cùirt do nàmh,
Ach cha toir sin dhuit fois o strì,
Alba gu bràth!

Chaidh deala chìocrach 'n sàs nad fheòil,
Is dheoghail i le d'fhuil do threòir.
Cha sàth le aintighearnas a leòir,
'S gun ioc, gun tàmh
Bha Sasann an geall air crìch do sgeòil,
Alba gu bràth!

Is feuch an-diugh do ghlinn 's do chluain
Nan dìthreibh fàs; is thall thar chuain
An dùthchannaibh cèin tha sliochd do thuaith
Nam buadhan àigh
Nach iomchaidh stad chur anns an ruaig
Alba gu bràth!

Is iompachadh o'n cheangal chlaon,
An cuibhreach a chuir sinn an daors',
An sgleò air inntinnean ar daoin',
An ribe sàs
Ma mhaireas e chan fhaic thu saors',
Alba gu bràth!


O beuc an leòmhainn mar bu nòs,
Cha seas an nàmh ri stràc do spòig,
Is gairm a-rithist na fir mhòir
Don dùthchas spàirn,
'S thig caochladh gad ad neart 's ad threòir,
Alba gu bràth!

A dhùthaich ghaoil 's e saors' do bhrìgh,
Cha soirbhich leatsa bhith fo chìs;
Neo-eisimileach a-rithist bidh,
Mar bha thu tràth,
Nad lòchran soillse do gach tìr
Alba gu bràth!

'S os cionn gach nì an saoghal nam beò,
Cho fad 's a mhaireas dhuit an deò,
Na leig led Ghàidhlig dol fo sgleò
Ma gheibh i bàs
Bidh tu seachran anns a' cheò
Alba gu bràth!

'S i a' Ghàidhlig suaicheantas na saors',
Chan fhuiling ise tàir no daors';
Chan fhuiling snaoim, no cuing, no taod;
Cha sin a gnàth;
Chan fhuiling ise cuibhreach maoir,
Alba gu bràth!

Tha saorsa toinnte anns gach fuaim
An cànain àlainn bhlàth ar luaidh,
Nach fhuiling tàir an càs no 'n cruas
Biodh ise slàn,
'S chan èirich nàmh a bheir ort buaidh
ALBA GU BRÀTH!

Tuesday, 19 January 2010

Whitney Houston a-rithist

B' e seo Whitney a bha na cùl-taic do Dhionne Warwick, 's i a' seinn an òrain ainmeil "That's what friends are for." Thàinig Whitney a-steach ann an teis mheadhan an t-seinn aig Dionne nuair a bha feum aig a co-ogha oirre - às a-sin, fhuair sinne tiota beag de sheirm eugsamhail a dh'fhàg a làrach luachmhor nam chuimhne. Tiota tìm an àigh. Mòmaid mhìorbhaileach.


Saturday, 13 December 2008

Brosnachadh Bhruis (Scots Wha Hae)

‘Threun’, le Uallas, dh’fhuiling creuchd!‘
S le Bruis chaidh dàn’ gu àr nan euchd!
Nis iarraibh bàs am blàr nam beum,
No buaidh gu treun ‘san strìth!

Seo latha ‘chruais—an uair tha làth’ir!
Feuch feachd fo’n cruaidh air cluan an àir!
A' teachd le’n uaill gu buaireas blàir!
A dheanamh tràillean dhìbh!

Có thig do’n strìth neo-dhìleas, claon?
Có dheanadh uaigh ach cluan an raoin?
Có striocadh sios gu dìblidh faoin
Air cùl nan claon-fhear clìth?

Có ‘n càs an rìgh, a rìoghachd ‘sa reachd,
Bheir beum nan geur-lann treun an gleachd,
Gu buaidh am blàr, no bàs ‘na bheachd,
An gaisgeach leanadh mi

Ar truaighe ‘s teinn, ar n-ainneirt chruaidh,
‘S ar sliochd an sàs na’n traillibh truagh’;
O’r cuislibh tràight’ air sgàth ar sluaigh,
Thig saorsa bhuan le sìth

Biodh uaibhrich sleucht’ fo’r beuma bàis;
Fear ainneirt dh’eug ‘nuair ghéilleas nàmh,
Tha saorsa fhéin a’m beum ‘ur làmh
‘Nis buaidh no bàs ‘san t-strìth.
video

Thursday, 4 September 2008

Òran ùr gàidhlig à 2005.

Nuair a thig e gu h-aon is gu dhà le Steafan Risnidh agus Scott Coineagan

Ceart ma-tà. Tha mi gam thaisbeanadh fhèin an seo. Ach, cuimhnichibh nach eil an t-òran a-nis ri fhaotainn, mar sin chan eil mi feuchainn ri dad sam bith a reic! Cha do rinn mi fhìn ach na faclan agus fonn a chur air a’ cheòl a chuir Scott Coineagan ri chèile air a’ ghiotàir aige ann an Dùn Dèagh.

Chaidh seo a chlàradh aig a’ BhBC aig a’ chuairt dheireannaich dhen fharpais Seo Seinn 2005. Cha deach sinne troimhe chun chuairt dheireannaich, ach dh’ iarr iad oirnn an t-òran againn a ghabhail co-dhiù.

Cha robh dùil againn gun iarradh iad oirnn, agus sinn air an talla a ruigsinn a dh’ fhaicinn an fheadhainn a fhuair trompa. Mar sin cha robh an giotàir aig Scott còmhla ruinn, agus bha sinn air botal fìon no dhà a shlugadh sìos mu uair a thìde roimhe! Chaidh ar toirt ann an cabhag le tè an dorais sa chàr aice ach am faigheadh sinn an giotàr aig Scott. Ràinig sinn an ùrlar ann an tìde, ach air èiginn!



Sin agaibh e. Faodaidh sibh am breithneachadh agaibh fhèin a dhèanamh air ciall nam faclan, ach ueill, bha rudeigin nam smaointean nuair a sgrìobh mi iad.

Thursday, 19 April 2007

An t-eilean mu thuath


powered by ODEO


Òran le Iain Thormoid Mhòir (Iain MacLeòid) à Tolastadh a Tuath, Leódhas

Faclan às an leabhair “Eilean Fraoich – Lewis Gaelic Songs and Melodies” foillsichte le Acair.

An t-eilean mu thuath, an iomall a` chuain,
An t-eilean san d`fhuair mi m` àrach;
Far an d`fhuair mi `s mi òg bainne fìorghlan ri òl,
`S bha m`anam tighinn beò `s a` fàs leis.

An t-eilean a tuath, an t-eilean tha fuar,
`S e Leòdhas bho thuath mo ghràidh e,
Far nach cluinn mi ri m` bheò bhith sealg no bhith `g òl
No làmhadh no òrd air an t-Sàbaid.

Nach mis` tha gu truagh gu tùrsach `s fo ghruaim
Bho chuir mi ri tuath mo chùlaibh;
Nuair choisich i dian chuir i curs` oirre `n iar
`S thug dorchadas dhìomsa Mùirneag.

Chan eil math dhomh no stàth bhith tuiream sa chàs,
Chan aithreachas tràth a th` ann dhomh;
Chan urrainn mi snàmh gu cuideachd mo ghràidh
No coiseachd air tràigh do Leòdhas.

Tuesday, 17 April 2007

Mariah ri Whitney

http://www.youtube.com/watch?v=q3ZzGjHKDdw

`S e mo bheachd fhèin nach cumadh Mariah Carey ceann a` mhaide ri Whitney Houston a thaobh seinn, mus do thòisich Whitney air na drogaichean. Chan e sin ri ràdh nach eil guth seinn àlainn aig Mariah. Tha e àlainn, cumhachdail, binn.

Ge-tà, tha faireachdainn ann nuair a bhios Mariah a` gabhail òran, gum bi i a` cleachdadh òran airson a` cur air adhart an guth aice fhèin seach bhith a` seinn airson adhbhar na h-òrain. Sin agad Mariah.

Bidh Whitney, air a chaochladh, a` cleachdadh an guth mìorbhaileach aice le gliocas gun a bhith a` seinn a-mach gun adhbhar. `S e an t-òran as cudthromaiche dhith, agus tha a` bhuil sin air an òran, agus air an luchd-èisteachd aice. Tha guth Whitney a` gluasad t`fhaireachdainn gu dlùth agus fiù `s a-niste, an dèidh an cron a chaidh a dhèanamh air, bha an dèanadas aice aig na World Music Awards ann an 2004 a` toirt snigheadh air mo chridhe. Mar a tha an sean-fhacail ag ràdh, “bheireadh e snigheadh air cridhe na cloiche”.